Login
FacebookTwitter

Home Dachaigh

Welcome to the website of the Museums in the Highlands

This is a journey across 31,000 km2 of moors and mountains, the odd city (Inverness) and countless towns, villages and townships.  This is an opportunity to glimpse the familiar or the forgotten, from times gone by and earlier lives.  Through times before humans, as well as from prehistoric and historic periods and to the almost contemporary, the 28 museums have sights to inspire, objects to remind or stories to engage.

See armoured fish from 380 million years ago; marvel at intricate stone carvings, cottages from yesteryear; toys that you might have played with only yesterday.  Meet Iron Age Picts, rebellious Jacobites, fighting Regiments, ordinary people like you and I.

We have tales of hardship and survival, tradition and development, pastimes and pleasures, loyalty and bravery; lines in the sand and lines woven into tartan, the familiar and the forgotten.  Join us, visit the Independent Museums of the Highlands and travel in time...


Fàilte gu làrach-lìn Taighean-tasgaidh sa Ghàidhealtachd

Tha an turas seo a’ gabhail a-steach 31,000 km2 de mhonaidhean is de bheanntan, cathair-bhaile Inbhir Nis agus iomadh baile beag is mòr eile.  ’S e cothrom a tha seo sealladh fhaighinn air rudan air a bheil eòlas agaibh agus rudan a bhios air a dhol à cuimhne, bhon àm a chaidh seachad agus bho bheathannan a bh’ ann roimhe.  Bho ro-eachdraidh chun an latha an-diugh, tha na 28 taighean-tasgaidh a’ gabhail a-steach seallaidhean inntinneach, rudan a bhrosnaicheas cuimhne agus sgeulachdan a ghlacas aire.

Faic èisg mhàilleach bho 380 millean bliadhna air ais; gabh iongnadh às na gràbhalaidhean cloiche ioma-fhighte, na taighean-croite agus na dèideagan leis an do chluich thu dh’fhaodte an-dè fhèin.  Coinnich ri Cruithnich bho Linn an Iarainn, Seumasaich cheannairceach, Rèisimeidean a’ sabaid agus daoine àbhaisteach coltach rium fhèin ’s riut fhèin.

Tha sgeulachdan againn mu chruadal is mu strì gus mairsinn beò, dualchasan is leasachadh, cur-seachadan is toil-inntinn, dìlseachd is gaisgeachd; sreathan sa ghainmhich is sreathan air an snìomh tro thartain, rudan a tha air chuimhne is air diochuimhn’.  Tadhail air taighean-tasgaidh na Gàidhealtachd còmhla rinn agus gabh turas tro thìm…